tasglann

A' tadhal air tasglann

Tha tasglann a cur fàilte air luchd tadhal agus luchd cleachdaidh a thighinn a-steach a fhaicinn na clàran a tha iad a cumail. Leugh an stiùireadh a' leanas airson tadhal soirbheachail.

Mus tadhal sibh:

  • Tha a mhòr chuid de thasglann ag iarraidh oirbh fios a chur thuca mus tadhal sibh. Cuir fòn thuca airson dèanamh cinnteach dè am fiosrachadh a tha ri fhaighinn agus airson coinneamh a chur air dòigh.
  • Cuir fòn, post-dealain no sgrìobh chun tasglannaiche ag innse beagan mun chuspair a tha sibh airson rannsachadh. Innse cuideachd dè na clàran a tha sibh an dòchas fhaicinn.
  • Mìnich ma tha feum agaibh air cuideachadh sonraichte fhads a tha sibh a' tadhal m.e ma tha sibh a cleachdadh seithear-cuibhle.
  • Dh' fhaodadh gum bi cuid de seirbheisean thasglann ag iarraidh fianais fèineachd no litir theisteanas/ro-radh, mar sin, dean cinnteach mus tadhal sibh a bheil feum air seo.

Thairis air do thadhal:

Tha comhairle ann airson dè as urrainn agus nach urrainn sibh a dhèanamh ann a tasglann. Tha na riaghaltean seo air an cur air bhog airson sàbhailteach nan clàran agus airson gum bi an cothrom aig luchd cleachdaidh agus luchd rannsachaidh eile an cleachdadh san t-àm ri teachd. 

Gheibh sibh fiosrachadh air na riaghaltean air taobh deas na duilleige seo ach cuimhnich gum bi gach tasglann eadar-dhealaichte. Feumaidh na riaghaltean a' leanas a bhith air an leantainn.

  • Dh' fhaodadh gum feum agaibh ur h-ainm a chur sios air foirm clàraidh ag innse gu bheil thu san togalach agus dè a tha thu a' dèanamh. Tha seo airson sgrùdadh a chumail air cò a tha a' cleachdadh na seirbheis agus dè na clàran air a bheil iad a' coimhead. Na gabh gragh mun seo  
  • Feumaidh sibh peansailean agus laptops a chleachdadh airson nach tig milleadh air gin de na clàran
  • Chan fhaodar goireasan eile a thoirt a-steach dhan tasglann ach stuth air a bheil feum - pàipear, peansail, notaichean fiosrachaidh agus laptop. Feumaidh còtaichean, baganan, umbrellas agus biadh sam bi a bhith air fhàgail san seòmar-culaidh
  • Cum clàran anns an òrdugh anns a fhuair sibh iad
  • Gu tric, chan fhaod sibh coimhead air barrachd na trì clàran aig an aon uair. Tha seo airson nach caill na clàran òrdugh agus gus nach tachair càil dhaibh nuair a tha iad còmhla air bòrd beag
  • Chan fhaod biadh, deoch, siucaran no gum a bhith agaibh anns an tasglann.
  • Feumaidh miotagan a bhith air oiribh ma tha sibh a' coimhead air cuid de stuth mar negatives glainne. Gheibh sibh iad bho sgioba an tasglann
  • Ged a tha daoine a smaoineachadh gun e àite salach agus dustach a th' ann an tasglann, chan eil seo fìor. Uaireanan, fàgaidh seann chlàran beagan dust air do làmhean agus mar sin, na cuir oiribh aodach ceart agus feuch gun nighe sibh ur làmhan tric!
  • Feumaidh riaghaltean a thaobh dlighe-sgrìobhaidh agus a bhith a' togail dhealbhan a bhith air an leantainn
  • Le cead bho sgioba an tasglann, faodaidh sibh dealbhan a thogail ach tha seo an urra ri staid an stuth a tha gu bhith air a leth-bhreacadh. 'S dòcha gum bi cosg an lùib a bhith a' dèanamh seo. Bheiridh cuid de thasglann cead dhut camera digiteach a chleachdadh ach faighnich am bheil e ceadaichte agus dean cinnteach nach eil a flash air

A' dèanamh notaichean

Cuimhnichibh:

  • Dean nota air ainm an tasglann agus an deit a thadhal thu
  • Dean nota air gach àireamh a' chatalog a tha sgrìobhte air gach clàr a chleachdas sibh
  • Sgrìobh beagan mu gach clàr a chleachd thu airson gum bi cuimhne agad air a dè a bha cuideachail
  • Ma tha sibh a' sgrìobhadh facal air an fhacal a-mach à leabhar, dean nota de àireamh na duilleige airson gum bi e nas fhasa am fiosrachadh a' lorg a-rithist
  • Cuimhnich gun dean thu nota fiosrachaidh airson trusadh-leabhraichean a sgrìobhadh aig deireadh do rannsachaidh
Fàg beachd