tasglann

Comunn Eachdraidh Nis

 

Cross School, the home of Ness Historical Society

Mu dheidhinn

Chaidh Comunn Eachdraidh Nis a stèidheachadh ann an 1977. Tha iad ag amas air a bhith a gleidheadh agus ag àrdachadh eachdraidh, cànan, cultar agus dualchas na bailtean eadar Nis agus Baile an Truiseil dhan choimhearsnachd, luchd-tadhal agus na ginealaich ri thighinn.

Anns an Dùbhlachd 2010, chaidh duais taigh-tasgaidh a thoirt dhaibh agus anns An t-Samhain, ghluais iad gu togalach ùr ann a seann Sgoil Chrois.

Dh' fhoillsich iad leabhar na fòn anns an robh far-ainmean dhaoine agus bidh cuairt-litir ràitheil a tighinn a-mach air a bheil Criomagan. Tha diofar thaisbeanaidhean agus tachartasan aca glè thric.

Cruinneachaidhean tasglann

  • Eachdraidh croitean, dealbhan agus sinnsireachd
  • Cuspairean tasglann m.e. croitearachd, an Cogadh, iasgach, bàtaichean agus cuspairean ionadail eile
  • Clàran Taigh Dhonnachaidh, ionad ceòl agus ealain
  • Clàran Thalla Choimhearsnachd Nis
  • Clàran Sgoil Chrois
  • Pàipearan pearsanta theaglaichean agus daoine fa-leth
  • Clàran Maoin Tiodhlacadh Nis
  • Cruinneachadh beul aithris

Cuir Fios

Seòladh

Seann Sgoil Chrois, Cros, Nis, Eilean Leòdhas

Uairean fosgailte

10m-4f

Cuir Fios

Anna NicLeòid

Fòn

01851 810 377

Post-dealain

office@cenonline.org

Làrach-lìn

www.cenonline.org

A' gabhail a-steach Eoropaidh, Na Coig Peighinnean, An Cnoc Àrd, Am Port, Sgiogarstaigh, Adabrog, Lionail, Habost, Suainbost, Cros, Dail bho Thuath, Dail bho Dheas, Gabhsann, Borgh (Mhealabost), Borgh, Siadar, Baileantruiseil

 

Fàg beachd