Am Proiseact
Chaidh Tasglann nan Eilean Siar a stèidheachadh anns a’ Ghiblean 2010. Se proiseact trì bliadhna a th’ ann airson goireasan tasglann na h-Eileanan an Iar a bhrosnachadh.
Tha clàran air an tasgadh air feadh na h-Eileanan mar eisimpleir, aig ùghdarrasan ionadal, Comainn Eachdraidh agus buidhnean dualchais.
Bidh gnìomhachasan, buidhnean chathannais agus oighreachdan a tasgadh clàran agus leis a bhith ag obrachadh còmhla ri na buidhnean seo, bidh fios aig Tasglann nan Eilean Siar dè na clàran a tha ann a tha a buntainn ri na h-Eileanan agus a’ tabhainn comhairle air sgilean gleidhidh.
Tha an Tasglann a’ tabhainn comhairle proifeiseanta chun na buidhnean dualchais a tha ag obair gu saor-thoileach aig a bheil dreuchd deatamach – a tasgadh clàran agus a’ toirt trèanadh agus taic seachad airson sgilean a leasachadh.
Tha buidheann stiùiridh aig a’ phroiseict air a bheil riochdairean à buidhnean dualchais bho air feadh na h-Eileanan an Iar, Comhairle nan Eilean Siar, luchd proifeiseanta roinnean dualchais agus luchd acadaimigeach.
Tha amasan a’ phroiseict mar a leanas:
- Leasaich poileasaidhean agus ceumanan obrach airson seirbheis Tasglann a chruthachadh
- Comharraich agus cruinnich fiosrachadh air clàran a tha air an cumail thairis air na h-Eileanan an Iar agus cruthaich goireasan airson cothroman cleachdaidh, a’ gabhail a-steach làrach-lìn dà chànanach.
- Àrdaich inbhe beartais clàran na h-Eileanan an Iar aig ìre ionadail, ìre nàiseanta agus ìre eadar-nàiseanta.
- Cuidich buidhnean le proiseictean agus eirmseachdan a tha a leasachadh clàran àbhaisteach gu clàran còmhnaidheadh.
- Àrdaich cothroman cleachdaidh air clàran na Comhairle leis a bhith a’ togail aithne, a’ freagairt dùrachdan/ceistean agus a’ toirt comhairle dha luchd rannsachaidh.
- A’ tabhainn comhairle agus trèanadh dhan luchd-phoblach air clàran agus sgìlean gleidheadh.
- Aithne a' chruinneachadh air làthair clàran aig a bheil buinteanas ri na h-Eileanan an Iar agus rannsaich roghainnean a th' ann na clàran a thilleadh dhan na h-Eileanan.
- Cur air adhart taisbeanaidhean agus co-labhairtean, co-cheangailte ri clàran ionadail no leasaich co-obrachadh airson seo a chur air adhart.
- Co-obrachadh le Colaiste a’ Chaisteil agus Roinn an Fhoghlaim airson taic dha leasachaidhean goireasan teagaisg.
- Cuidich coimhearsnachdan airson pròiseactan a leasachadh agus tairgse cuideachadh le iarrtasan taic airgead.
- Tairgse comhairle agus trèanadh gu gnìomhachasan agus coimhearsnachdan ann a bhith a’ leasachadh na buaidh a th’ aig na seirbheisean aca air luchd-turais agus luchd rannsachaidh.
- Obraich ann am com-pàirteachas airson fiosrachadh fhaighinn air cothroman bun-structair dha cruinneachaidhean tasglann.
Fàg beachd